Cuairt ann am Beàrnaraigh

-

Coisiche aon-neach, neach-togail dhealbhan agus sealbhadair na bùtha thiodhlacan, Coralbox, a choisinn mòran dhuaisean, tha Eilidh Carr a’ mìneachadh dhuinn a cuairt mu thimcheall Bheàrnaraigh, eilean a h-àraich ann an Innse Gall

.

Is e eilean beag a th’ ann am Beàrnaraigh na Hearadh a tha suidhichte ann an Caolas na Hearadh air costa an Iar Thuath na h-Alba, agus ged a tha e beag ann am meud tha e a’ taomadh le tràighean bòidheach, fiadh-bheatha, flùraichean, eachdraidh agus mòran a bharrachd. 

Is e Beinn Shlèibhe a’ phuing as àirde air an eilean, a tha na seasamh aig àirde de 93m (305 troighean) agus an uair sin cnoc Bhuirgh aig 85m (279 troighean), agus tràigh ainmeil an taoibh shiar a’ sìneadh a-mach thairis air trì mìle sìos an costa. Le dìreach mu 10 km ceàrnagach de mheudachd, ’s e eilean beag ach fìor chumhachdach a th’ ann. Ged a tha Beàrnaraigh ceangailte ri Uibhist a Tuath le cabhsair agus còd puist, buinidh an t-eilean dha Eilean na Hearadh gu tuath, mar phàirt de na Bàigh air Oighreachd na Hearadh. Àireamh-sluaigh làithreach: 133.

A’ còmhnaidh ann am Beàrnaraigh, is ann an seo a tha mi a’ tòiseachadh air mo chiad chuairt do Slow Ways.

Le mo phicnic dèante agus mo bhaga-droma air a lìonadh, tha mi a’ togail orm air chuairt timcheall an eilein ris an can mi mo dhachaigh. Tha mi a’ fàgail an taighe agam agus a’ leantainn frith-rathad singilte tro bhaile-fearainn Cùl na Beinne. Tha na prìomh thuineachaidhean air an eilean a’ ruith sìos taobh sear an eilein dlùth don chosta, le àireamh de rathaidean a’ falbh gu na bailtean eile, Borgh agus Ruisigearraidh. Tha taobh an iar an eilein uile fo mhachair chòmhnard, a tha air obrachadh do chaoraich, crodh agus bàrr.

Coiseachd am measg fiadh-bheatha

Mar a tha mi a’ coiseachd timcheall Loch nam Bàgh, tha fiadh-bheatha an eilein gan dèanamh fhèin follaiseach. Tha mòran eòin a’ sgèith os mo chionn agus na caoraich a’ mèilich, ach tha m’ aire air a tarraing gu fuaim is onghail nan ròn. Tha àite faire le being agus pàirce chàraichean a’ toirt cothrom air coimhead air an tuineachas ròn a tha a’ còmhnaidh air an eilean, le measgachadh de roin chumanta agus ghlas. Tha cuid aca a’ cluich ’s a’ plubadaich mun cuairt san uisge, agus feadhainn eile nan laighe shuas àrd air na creagan a’ gabhail na grèine. Faisg air deireadh na bliadhna, bidh na ròin ghlas sin a’ briodachadh air tràighean eilean Shileigh, faisg air làimh. Ann am breislich a tha a’ sìor fhàs, tha mi a’ coimhead air adhart ri tuilleadh fiadh-bheatha fhaicinn air mo chuairt a’ dol air adhart. 

A’ leantainn air adhart timcheall a’ bhàigh, tha an rathad a’ cumail dlùth don chosta gu ruig  Baile. Air fàire agus sìos chun na làimhe deise, tha mo sheann bhun-sgoil. On a bha na h-àireamhan a’ crìonadh, chaidh a dùnadh ann an 2005 an dèidh fosgladh an toiseach ann an  1877. Tha cuimhneachain iongantach agam air an seo agus a bhith a’ fàs suas air eilean mar phàiste òg. 

A’ tionndadh gun làimh dheis, tha mi a’ coiseachd tro fhosgladh beag anns na dùin-ghainmhich. Mar a bhuaileas èadhar na mara nam aodann, tha mi ag aithneachadh gu bheil mi air ais ann an aon de na h-àiteachan as fheàrr leam, an tràigh. Is fìor thoigh leam a bhith a’ cur seachad mo thìde air a’ bhlàr a-muigh agus tha rudeigin glè shònraichte mu dheidhinn tràigh ann an Innse Gall, gun neach sam bith eile mun cuairt. 

Cumaidh mi orm air mo chuairt sìos fad tràigh a’ chladaich an ear a’ leantainn loidhne a’ mhuir-làin, a’ coimhead airson tuilleadh ulaidh a dh’fhàg am muir às a dhèidh. Le toileachas, tha mi a’ faicinn beagan shligean dathach am measg na feamad, tuilleadh shligean dathach eile agus seann phìosan crèadhadaireachd, uile rin cur ri mo chruinneachaidhean a tha a’ sìor fhàs.

Is iad na sligean dathach – aithnichte mar shligean a bheir deagh fhortan agus beairteas leotha agus air an cleachdadh mar shruth-airgid airson malairt aig aon àm – na nithean as fheàrr leam fhaicinn air mo chuairtean an seo 

A’ tighinn faisg air ceann na ciad tràghad seo, tha an t-àm ann sreap suas chun na puinge as àirde ann am Beàrnaraigh.  Bheir an earrann seo, is mi air mo stiùireadh le puist comharrachaidh a dh’fhaodas mi a leantainn, suas mi gu agus thairis air Beinn Shlèibhe. Letheach slighe suas a’ bheinn, tha seann chladh / làrach tiodhlachaidh. Is e làrach inntinneach a tha seo airson tadhal oirre, leis a’ mhòr-chuid de sheann uaighean air an comharrachadh le clachan uaghach sònraichte agus dìreach beagan dhiubh le clachan uaghach air a bheil ainmean agus cinn-latha clàraichte. Is e uaighean cogaidh a’ Cho-fhlaitheis a th’ ann an àireamh dhiubh sin, bhon chiad agus an dàrna cogadh mòr, uaighean nam fear a dh’fhàg na h-eileanan againn gus sabaid sa chogadh. 

Làrach iongantach a’ coimhead air ais sìos air an tràigh a choisich mi o chionn ghoirid. Tha mi a’ coimhead air adhart ris na tha ri thighinn a dh’aithghearr. 

A’ seachnadh a’ bhoglaich fo mo chasan, tha mi a’ dèanamh mo shlighe suas chun na puinge as àirde air mullach a’ chnuic. Tha mi a-nis nam sheasamh 93 meatairean os cionn ìre na mara. Air latha soilleir, tha e a’ tabhann sheallaidhean aig 360 puing a-mach tarsainn Caolas na Hearadh, gu Pabaigh, Beàrnaraigh agus Uibhist, fiù tarsainn a’ Chuain Sgìth gu an t-Eilean Sgìtheanach agus tìr-mòr na h-Alba. Ma tha an suidheachadh aimsireil freagarrach, tha eileanan fad’ às Hiort a tha 40 mìle an iar air Uibhist a Tuath rim faicinn mar sgàil-dhealbh chumhachdach air fàire. 

A’ toirt sùil an-àird, chan e mise leam fhìn a tha a’ faighinn tlachd às na seallaidhean sin. Tha dà iolaire mara air a thighinn còmhla rium. Ag èirigh an-àird dha na speuran, a’ sireadh bìdhe agus a’ gabhail talachd às na seallaidhean, tha mi a’ cur ceist a bheil àite sam bith eile nas fheàrr dhaibh airson am beatha a chur seachad.

Leis an iolaire fhathast a’ sgèith os mo chionn, tha mi a’ dol sìos air cùlaibh a’ chnuic a rannsachadh taobh siar an eilein agus a’ tòiseachadh a’ coiseachd thairis air na trì mìle de thràigh gheal a’ chladaich an iar. Tha mi a’ gabhail mo chuairt sìos a’ chiad phàirt, a’ stad ’s a’ tòiseachadh, agus a’ gabhail tlachd às na seallaidhean bòidheach agus fuaimean nan tonn a’ sluaisreadh, agus a’ coimhead airson sgùilleach is tràthach. Tha seo gam thoirt gu oisean a’ chladaich far an gabh mi air adhart timcheall an rubha gus fuireach a-mach às a’ ghaoith. Tha sealladh mòr ùr den tràigh a’ fosgladh a-mach air mo bheulaibh.

Tha mi air a bhith a’ tadhal air a’ chladach seo fad mo bheatha agus tha e a’ cur iongnadh orm gach turas a bhios mi ann 

Tha mi a’ seasamh fad mòmaid gus gabhail ris na tha mun cuairt orm. Tha mi air a bhith a’ tadhal air a’ chladach seo fad mo bheatha agus tha e a’ cur iongnadh orm gach turas a bhios mi ann. Bhon aimsir a’ sìor ghluasad a tha ag atharrachadh dathan na mara agus nan tonn gu dol-fodha na grèine as t-samhradh a tha a’ bòcadh orains agus pinc no fiù stoirmean borb a’ Chuain Shiar a bhios a’ beucadh a-steach, is e an t-àite as fheàrr leam a bhith air an t-saoghal.

Is e seo an t-àm foirfe airson spot a lorg gus mo phicnic ithe.  

Tha mi a’ suidhe le mo dhruim ris na dùin ghainmhich, a’ toirt balgam às an fhlasga teatha agam agus a’ coimhead a-mach dìreach air a’ mhuir. Is e Canada agus Aimeireaga a’ chiad tomad-fearainn tarsainn a’ Chuain Atlantaig a Tuath. A’ còmhnaidh an seo ann an Innse Gall, feumaidh tu gabhail ris a h-uile seòrsa aimsire. Faodaidh na samhraidhean a bhith eireachdail le uairean fada de sholas an latha, speuran mòra farsaing agus dàn’-thursan san amharc. Faodaidh na geamhraidhean a bhith fada agus dorcha le stoirm an dèidh stoirm a’ roiligeadh a-steach. Ach tha geamhraidhean cuideachd a’ toirt leotha gealltanasan de Fhir Chlis agus an cothrom air àiteachan a rannsachadh bho shealladh diofraichte.

Ceanglaichean tarsainn a’ chuain

A’ cur meas air na h-uisgeachan bòidheach gorm, tha e a’ cur nam chuimhne an turas a lorg mi put iasgaich buidhe a bha air a thighinn air tìr air a’ chladach faisg air far a bheil mi nam shuidhe. Is fìor thoigh leam na nithean a bhios an cuan a’ toirt air tìr às dèidh stoirmean agus air an latha sin cha robh nì a’ coimhead neo-àbhaisteach mu dheidhinn. An dèidh am put a thoirt dhachaigh, fhuair mi a-mach nach robh ainm a’ bhàta clàraichte san RA. Thug tuilleadh rannsachaidh air-loidhne agus air na meadhanan sòisealta mi gu buidheann iasgaich Canàidianach, far na cheangail iongantasan mìorbhaileach teicneòlais mi leis an teaghlach a bha air am put a chall còig mìosan roimhe sin bho na clèibh ghiomach ann an Albann Nuadh. Bha e air siubhal còrr air 4500km aig muir mus deach a sguabadh gu tìr ann am Beàrnaraigh.

Na cheangail iongantasan mìorbhaileach teicneòlais mi leis an teaghlach a bha air am put a chall còig mìosan roimhe sin bho na clèibh ghiomach ann an Albann Nuadh. Bha e air siubhal còrr air 4500km aig muir mus deach a sguabadh gu tìr ann am Beàrnaraigh 

A’ cur crìoch air mo phicnic, tha mi a’ leantainn orm a’ coiseachd fad na tràghad an iar. Tha an t-sìde a’ tòiseachadh ag atharrachadh le uisge air fàire; tha mi a’ faireachdainn fuachd san èadhar a’ tighinn dlùth. Air mo làimh dheis, tha na tuinn a’ tighinn ’s a’ falbh, a’ sluaisreadh air tìr le mòran cumhachd. Air mo làimh chlì, tha na dùin-ghainmhich nan seasamh àrd. Tha na dùin sin leis a’ mhachair air an cùlaibh, glasach ìosal còmhnard a tha torrach agus làn eòin, bhiastagan agus fhlùraichean ann am mìosan an t-samhraidh. Tha an seòrsa fearainn seo ri fhaotainn air costa fhosgailte an iar Innse Gall, Alba agus Èirinn.

A’ coiseachd tro smùid gainmhich am measg nan dùn, tha mi a’ fàgail na gaoithe agus na tràghad air mo chùlaibh. Bheir mi sùil mun cuairt aon uair eile gus sealladh aithghearr fhaighinn air a’ mhuir. Tha mi ag ràdh rium fhìn gu bheil e ro fhuar airson snàmh agus gun till mi latha eile. Leanaidh mi an costa creagach timcheall, a’ dol seachad air cladach mhoil agus a’ sreap staidhle. Coisichidh mi seachad air carragh-cuimhne cloiche don Fhuamhaire MacAsgaill nach maireann à Beàrnaraigh. Air a bhreith ann an 1925, air dearbh làrach tobhta an taighe sa bheil an carragh-cuimhne na sheasamh, dh’fhàs Aonghas gu 7 troighean is 9 òirlich a dh’àirde. Tha an carragh-cuimhne na sheasamh cho àrd ris an Fhuamhaire MacAsgaill fhèin. Tha Aonghas air a chlàradh gu h-oifigeil ann an Leabhar Claran Cruinneil Guinness mar am fuamhaire neo-dhearbhte as àirde. Ghluais e fhèin agus a theaghlach gu Ceap Breatainn nuair a bha e na bhalach òg.

A’ leantainn an fhrith-rathad singilte air ais timcheall an talamh àitich agus a’ mhachair, tha mi a’ mothachadh don ath chnoc bheag air a bheil mi ag amas, Beinn a’ Chlaidh. Air a’ chnoc seo tha Cladh Maolrithe na sheasamh, seann tursa a thathar a meas a bhith a’ dol air ais  bho Linn an Umha agus tiodhlaichte ochd troighean fon talamh, agus an aon àirde os cionn na talmhainn. Ged is e aon de na cnuic as lugha air Beàrnaraigh, tha e fhathast a’ tabhann àite amhairc fìor mhath. Air astar, tha mi a’ faicinn na h-aiseig do na Hearadh a’ ceangal suas aig Àrd Ma Ruighe agus carbadan a’ feitheamh ri thighinn dhith. Tha Beàrnaraigh ceangailte ri eilean Uibhist a Tuath le cabhsair. Chaidh seo a thogail ann an 1999 agus chaidh fhosgladh gu h-oifigeil san earrach 2000 leis a’ Phrionnsa Theàrlach. 

A’ dol air ais chun an rathaid mhòir agus e a’ lùbadh ’s a’ tionndadh tron choimhearsnachd, tha mi a’ leantainn orm leis a’ phìos mu dheireadh dem chuairt. Tha mi a’ dol seachad air geodha beag a bha air a chleachdadh aon uair mar aon de na ciad laimrigean a bhiodh a’ toirt dhaoine agus bathar air tìr chun an eilein. A-nis, tha na bàtaichean nan laighe, air an dìochuimhneachadh an dèidh mòran bhliadhnaichean aig muir. Bidh mi an-còmhnaidh a’ smaoineachadh air na sgeulachdan nan lùib agus an luchd-siubhail a bha iad a’ giùlain aon uair tarsainn a’ chaolais. 

Mo dhachaigh eileanach

Mar a bhios mi a’ dol timcheall a’ chiad oisean, tha prìomh chala iasgaich Bheàrnaraigh agus Loch nam Bàgh a’ tighinn am fàire agus tha fios agam gu bheil mi faisg air a bhith aig an taigh. Tha mi air a bhith a’ fuireach an seo air an eilean sa mhòr-chuid dem bheatha, le còig bliadhna no mar sin air an cur seachad air tìr-mòr na h-Alba agus mi ag ionnsachadh dealbhadaireachd. ’S e sealladh a tha a’ toirt cofhurtachd dhomh a th’ ann gach turas oir tha e a’ ciallachadh gu bheil mi air ais aig an taigh.

Tha an taigh againn air oir Loch nam Bàgh, cho faisg air a’ mhuir agus gu bheil smùid is tonnan a’ suathadh sna h-uinneagan nuair a bhios an aimsir dona agus stoirmean aig muir. Tha mi a’ faireachdainn ceangailte ris an fhearann, am muir agus an èadhar tro mo bheatha air na cuairtean tràghad, snàmh sa mhuir, padail-bòrdadh, tursan sa bhan, agus togail dhealbhan le dròn. Faodaidh aon latha ann an Innse Gall na ceithir ràithean a thoirt thugainn, ach chan atharraichinn nì mu dheidhinn. 

Seo an t-eilean a tha na dhachaigh dhomh.

Cha b’ e cuairt Slow Ways a rinn Eilidh, ged a tha Aiseag Bheàrnaraigh na puing-trasnaidh no tuineachadh de Slow Ways. Tha a’ mhòr-chuid de phuingean-trasnaidh san lìonra air an taghadh airson meud àireamh-sluaigh, ach ann an àiteachan iomallach tha puingean-trasnaidh gan cur a-steach aig prìomh ionadan còmhdhail is eile. Tha seo a’ ciallachadh nach eil Slow Ways air an eilean, ach tha e a’ nochdadh san lìonra. Taing do Eilidh airson ar toirt mun cuairt! 

Eilidh Carr

Tha Eilidh a’ tarraing còmhla a dìoghras a thaobh dealbhadaireachd agus dàn’-thursan gus a sgeulachdan agus a dealbhan de thalamh, muir agus adhar, a roinn le càch air feadh an t-saoghail. 

Tha a bhith a’ còmhnaidh agus ag obair air taobh siar na h-Alba ann an Innse Gall a’ ceadachadh do Carr a dealbhadaireachd, an dà chuid dròn agus camara, a chothlamadh le a gràdh air èadhar ghlan, muir agus rannsachadh àiteachan sean agus ùr. Nuair nach eil i a’ siubhal san bhan aice, lorgaidh sibh Eilidh ag obair sa bhùth thiodhlacan aice air an eilean, Coralbox, a bhuannaich mòran duaisean. Is ann an seo sa ghnothachas neo-eisimeileach seo a thòisich a miann air a bhith ag obair air a ceann fhèin.  

Mar neach-siubhail na h-aonar, tha i a’ gabhail tlachd mhòr à bhith a’ roinn a tursan agus pìosan de a beatha làitheil air an eilean tro a meadhanan sòisealta air-loidhne agus a dealbhadaireachd.